Loidhnean geala sa choille
Loidhnean gleansach san oidhch'
Loidhnean èasgaidh a' gabhail danns
Chithear loidhnean iongantach sa gheamhradh
Loidhnean fada, fuara air na togalaichean
's pàtrain toinnte san reòthadh
Dràibhidh sinn air loidhnean làn chàraichean
Nuair a thig an sneachd air a' choille,
coisichidh sinn air loidnean geala eadar na craobhan
'S e slighe a th' ann an loidhne san t-sneachd
Slighe a thèid bho àit' gu àit'
Càite bheil an t-slighe lùbach seo a' dol?
Chithear caraidean aig ceann na slighe uaireannan
Tha slighean iongantach faisg oirnn uile
Càit' an tèid thusa sa gheamhradh?
To start learning, sign up for free.