An t-Earrach 2 (Intermediate)

Dhùisg an saoghal sa Ghiblean
ach 's anns a' Chèitean a dh'èirich e
Tha ceòl an earraich a' fàs nas binne
Far an robh maidean mar chnàmhan
air an talamh fhuar sa Ghiblean
's e lusan a chì sinn a-nis
is 's ann beòthail a tha iad
Saoghal dathach
Saoghal an earraich
Tòiseachadh ùr dhuinn uile
Tha sinn deiseil ri bhith a-muigh
is dh'fhaoidte caran mì-fhoighidneach
Tha na craobhan-ubhail fo bhlàith
Tha dath nam beàrnan-brìde cho soilleir
A bhith a-muigh as t-earrach
a' gabhail na grèine sa Chèitean
Abair tlachd!
Bidh grian an earraich mar theine uaireannan
Mar òr sna speuran
Ach a dh'aindeoin teine na grèine
tillidh an reòthadh bho àm gu àm
Thig e gu h-obann san oidhch'
agus feumaidh sinn teine a lasadh
'S ann mar seo a tha an t-earrach ann am Maine