Okay a Phàdruig, taing airson tighinn a bhruidhinn rium anseo ann an-diugh, ann an Dùn Èideann.
Am b’ urrainn dhut beagan innse dhomh mu dheidhinn na tha a’ tachairt ann an Uibhist an-dràsta
leis an t-sluagh agus mar a tha sin air àrdachadh bho chionn cuid de bhliadhnaichean.
Chunnaic mi gun robh cuid de rudan sna nàidheachdan bho chionn goirid mu dheidhinn sin,
so tha mi aig iarraidh cluinntinn mu dheidhinn sin.
Seadh. Uill, 's e dìreach beagan rannsachadh a chaidh a dhèanamh o chionn goirid
a tha air a bhith a’ coimhead air an òigridh a tha a’ tilleadh,
agus 's e rud a thug buaidh air an cuid rannsachaidh seo a dhèanamh,
's e gu robhar a' faicinn fheadhainn a’ tilleadh agus òigridh às an eilean nach robh air an cunntais sa chunntas sluaigh oifigeil.
Bha sinn a’ smaoineachadh, tha seo a’ toirt buaidh air an eilean,
ri linn ‘s nach eil na figearan ann a tha a’ sealltainn gu bheil daoine ann.
Mar sin, chaidh rannsachadh a dhèanamh agus chaidh beagan rannsachadh a dhèanamh air.
Tha ceithir ceud gu leth fheadhainn òga a tha air tilleadh no a tha a’ fuireach
suas gu h-aois dà fhichead agus a’ coimhead orra.
Agus na rudan as sgoinneil a chaidh fhaighinn a-mach 's e, can,
air na trì bliadhnaichean mu dheireadh, seach deich bliadhna rona sineach,
gu bheil àrdachadh sluaigh ann às na pàistean a tha air am breith de trì fichead 's a seachd anns a’ cheud.
So tha sin gu math mòr.
Tha tòrr a bharrachd air tilleadh bho chionn goirid.
A-nist, b’ àbhaist do dhaoine a bhith tilleadh bho chionn fhada,
ach bha iad a’ tilleadh nuair a bhiodh iad a’ cur crìoch air am beatha obrach,
a’ cuir seachad an dreuchd, 's a’ gluasad air ais.
An uair sin 's dòcha mu fhichead bliadhna air ais,
bhiodh iad a’ gluasad air ais 's iad 's dòcha sna dà-fhicheadan.
Ach a-nist tha iad a’ gluasad air ais anns na ficheadan, agus suas mar fichead 's a deich.
So tha gnothaichean a-nist, tha an òigridh a’ faicinn dòigh-beatha agus a h-uile rud mar sineach
gu math nas cudromaiche agus luach anns an dualchas
agus tha iad a’ gluasad air ais airson sineach.
Glè mhath, glè mhath.
Agus am b’ urrainn dhut innse dhomh mar sin, carson a tha sin a’ tachairt?
Dè tha air atharrachadh ann an Uibhist gu bheil iad a-nis a’ tighinn air ais
anns na ficheadan, mar a thuirt thu?
Uill, sin agad a’ cheist nach eil freagairt buileach againn an-dràsta.
Tha mi a’ smaointinn, tha diofar rudan aig obair a-staigh air.
Tha cuid de rudan a tha a thaobh sgilean, tha mi a’ smaoineachadh,
chaidh cuid mar a chaidh mi fhìn, chaidh sinn tro chùrsaichean sa sgoil
a bha a’ cuideachadh a thaobh sgilean obrach a tha feumail dha na h-eileanan.
So rinn mise cùrsa croitearachd, cùrsa eile mar sineach ann.
Tha sin a’ cuideachadh, tha mi a’ smaointinn
To start learning, sign up for free.