Gaelic Documentary: Hebridean Cookery Demonstration
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Aon Oidhche Haoine sna saor-làithean as t-samhradh
tha muinntir an àite agus luchd-tadhail a’ cruinneachadh ann an Talla Naoimh Pheadair ann an Dalabrog, Uibhist a Deas
airson tachartas neo-àbhaisteach.
Tha a’ bhuidheann choimhearsnachd, Ceòlas, a’ cur seachad oidhche shònraichte
gus blasad a thairgsinn de bhiadh agus de cheòl an àite.
Tha e a’ tòiseachadh le cothrom airson a h-uile duine blasad fhaighinn dhen bhiadh
a tha ri fhaotainn anns na h-Eileanan Siar.
Tha Maclean’s Bakery stèidhichte ann am Beinn na Faoghla
ged a gheibhear am bathar ann am bùithtean air feadh Uibhist agus nas fhaide air falbh.
Tha an Hebridean Smokehouse suidhichte ann an Uibhist a Tuath.
Tha Salar, a tha cuideachd a’ dèiligeadh le bradan, stèidhichte ann an Uibhist a Deas.
Agus tha Kallin Shellfish suidhichte ann an Griomasaigh.
Às dèidh a’ “bhlasaid bhig” thig an “dìnnear mhòr”
taisbeanadh de chòcaireachd a tha a’ cleachdadh biadh nan eilean seo.
Tha e air a thoirt seachad gu tur ann an Gàidhlig
ach tha fònaichean-cluaise rim faotainn aig an doras airson duine sam bith a dh’iarras eadar-theangachadh gu Beurla.
’S e Màiri NicAonghais bean an taighe.
Tha na riaghailtean a’ ràdh nach fhaod am biadh a bhith a-mach uabhasach fada.
So, an ceann treiseag bheag eile bidh iad a’ tòiseachadh air a chur air falbh.
Ma tha duine ag iarraidh tuilleadh, ’s e seo an t-àm a dhol suas airson beagan a bharrachd
'S e Mary Ellen Stiùbhart a nì an t-eadar-theangachadh
Chan e na riaghailtean a tha ag ràdh idir gu bheil an deoch…
nach fhaod sibh an deoch a ghabhail.
Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil glainne no dhà eile thall ann a shiud
ma tha duine ag iarraidh fìon.
Agus às dèidh sin bidh sinn dìreach a’ tòiseachadh.
Agus a-nochd tha sinn a’ toirt thugaibh tè nach...
Tha mi cinnteach gu bheil fhios aig a h-uile duine cò th’ ann an Iseabail Graham co-dhiù.
Tha i tric gu leòr air an rèidio, tric, tha i air a bhith air an telebhisean triop no dhà
agus tha sinn uile – ged nach eil sinn gu tric ga faicinn
thaobh ’s tha i slaving over a hot stove a h-uile latha ’s a h-uile h-oidhche
agus tha sinn uile eòlach air cho math ’s a tha i air còcaireachd biadh Gàidhealach agus biadh an àite fhèin.
’S a-nochd tha i dìreach a’ dol a thoirt dhuinn blasad beag
agus chì sinn mar a tha iad ga dhèanamh.
Mar a bhiodh an dùil, tha àite sònraichte aig biadh na mara anns na h-eileanan.
Bidh Iseabail a’ cleachdadh tòrr èisg agus maorach, mar eisimpleir sgait-mhanaich air a h-ùr-glacadh
no bradan air a smocadh, no creachann
no 's dòcha gun cuir i còmhla iad uile.
Tha a h-uile duine a’ leantail na tha i a’ dèanamh gu dlùth.