Gaelic Documentary: Taigh Chearsabhagh Museum and Art Centre

’S ann ann an Loch nam Madadh, air taobh an ear Uibhist a Tuath
a bhios na fèillean gan cumail gach bliadhna.
Bidh croitearan a’ tighinn bho air feadh an eilein airson an cuid uan a reic.
Tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil obair air an fhearann fhathast gu math cudromach
ann an dòigh-beatha an eilein seo.
Airson coimhearsnachd a tha a’ fuireach air eilean, tha a’ mhuir a cheart cho cudromach.
Tha am bàta-aiseig à Tir-mòr na h-Alba a’ tighinn a-steach gu Loch nam Madadh,
agus tha sin a’ sealltain a-rithist cho cudromach agus a tha am baile ann an Uibhist a Tuath.
Ach, fhad ’s a tha am bàta a’ tighinn a-steach dhan phort
's dòcha gum faic an luchd-siubhail rudan eile a bharrachd air na fèillean.
Tha pìosan obrach air a’ chladach agus faisg air Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn
gu bheil ùidh aig a’ choimhearsnachd anns na h-ealain cuideachd.
Tha Taigh Chearsabhagh air a ruith le Comann nan Ealan ann an Uibhist
agus Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, agus tha e a’ toirt còmhla san aon togalach
dualchas agus eachdraidh an eilein cuide ris na h-ealain.
Aig meadhan an togalaich tha an cafaidh, ainmeil airson a bhiadh
agus fosgailte fad na bliadhna.
Ri taobh a’ chafaidh tha a’ bhùth, far am faighear leabhraichean
is dèideagan is gibhtean is eile.
Ri taobh na bùtha tha an taigh-tasgaidh, air a ruith leis a’ chomann eachdraidh.
Bidh na taisbeanaidhean ag atharrachadh gu cunbhalach.
An-dràsta ’s e snìomh agus breabadaireachd a tha air an taisbeanadh.
Cuideachd leis a’ chomann eachdraidh tha cruinneachadh mìorbhailleach de dhealbhan
air an toirt a-steach leis a’ choimhearsnachd.
Bidh an luchd-obrach ann an Taigh Chearsabhagh gan cumail trang anns an oifis.
’S ann ann a sheo a thèid taisbeanaidhean, agus planaichean airson tadhal air sgoiltean a chur air dòigh,
agus cùrsaichean trèanaidh a leasachadh.
Tha dà ghailearaidh ann airson taisbeanaidhean.
Ann an Gailearaidh a Dhà tha oileanaich air a’ chiad bhliadhna dhen chùrsa cheum
a' cur an taisbeanaidh bhliadhnail ri chèile.
Tha na dealbhan air an cur suas mu dheireadh gun mòran ùine air a fàgail
mus tig an luchd-tadhail.
’S e oidhche mhòr a th’ ann cuideachd airson nan oileanach a tha a’ dèanamh an dioploma.
Tha taisbeanadh acasan anns an stiùidio.
Tha mòran dhaoine air tighinn airson na taisbeanaidhean fhaicinn.
Gheibh iad fàilte chrìdheil bho Valgerdur Hauksdottir à Innis Tìle.
Tha taisbeanadh aice fhèin ann an Gailearaidh a h-Aon.
Eadar a bhith a’ taisbeanadh obair le luchd-ealain eadar-nàiseanta,
a' leasachadh tàlantan de dhaoine de gach aois anns a’ choimhearsnachd,