Tha boireannach òg à Leòdhas a’ gabhail “An Eala air a’ Chuan” -
òran a dh’ionnsaich i ann am Beinn na Faoghla le seinneadair ainmeil san t-seann nòs.
’S e a’ Ghàidhlig a tha a’ toirt muinntir nan eilean còmhla.
Tha eireachdas ri fhaicinn sna h-eileanan seo aig àm sam bith den bhliadhna,
gu tric air a mheasgachadh le cianalas airson na h-amannan a chaidh seachad.
Chìthear cuimhneachain air eachdraidh fhada sa h-uile h-àite.
Ach cha toil leis a h-uile duine a bhith a’ smaoineachadh dìreach air na rudan a tha air falbh.
’S fheàrr le cuid a bhith a’ gluasad leis na h-amannan,
agus fiù’s a’ cleachdadh an dualchas ann an dòighean ùra
a dh’fhaodadh a bhith feumail airson gnìomhachas a thogail.
’S ann ann an Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas
a tha fear dhe na h-aonadan airson Tobar an Dualchais stèidhichte.
Sna h-oifisean seo thèid obair a dhèanamh gus mìltean de dh’uairean de chlàraidhean tràth a ghlèidheadh
de bheul-aithris bho air feadh Alba,
le òrain is sgeulachdan às na h-eileanan seo fhèin mar phàirt glè chudromach dhiubh.
Tha tòrr rudan diofraichte ri dhèanamh san obair.
Mar fhear dhen luchd-catalogaidh a tha sgapte air feadh na dùthcha
bidh Murchadh MacNeacail a’ sgrìobhadh notaichean mu gach trac.
Bidh sin a’ gabhail a-steach rudan mar cò chaidh a chlàradh, cuine is càite,
cuide ri fiosrachadh mu na tha air.
Bidh gach fear-catalogaidh a’ dèiligeadh le cuspair no cuspairean sonraichte –
mar phìobaireachd, no sgeulachdan, agus mar sin air adhart.
’S e neach-diodsatachaidh a th’ ann an Catrìona Scott.
Tha aice ri seann chlàraidhean a chur ann an cruth ùr,
a bhios furasta ri sgaoileadh a-mach tron eadar-lìon.
Bidh i a’ dèanamh faidhlichean choimpiutair bho sheann teipichean,
gus an tèid aig an luchd-catalogaidh air obair gu furasta air an stuth nan dachaighean fhèin.
’S e pàirt glè chudromach dhen obair clàraidhean a shàbhaladh
air seann teipichean a dh’fhaodadh tuiteam às a chèile.
Tha tòrr uidheam sonraichte aig an sgioba a leigeas leotha an obair sin a dhèanamh.
’S e obair theignigeach a th’ ann,
ach ’s toil le Catrìona na cothroman a tha i a’ faighinn gus seann òrain is sgeulachdan a chluinntinn,
gu h-àraidh an fheadhainn às a h-eilean fhèin.
Tha ùidh aig mòran sa phròiseact.
Tha Eairdsidh MacAoidh, a tha ag obair airson a’ phàipeir ionadail,
airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn.
Tha ùidh shonraichte aige san obair theignigeach,
agus na cothroman a dh’fhaodadh a bhith na lùib airson barrachd obraichean a thàladh dhan sgìre.
Tha Shona NicDhòmhnaill, manaidsear an aonaid, ga thoirt mun cuairt na h-oifis,
To start learning, sign up for free.