Gaelic Interview: Biodiversity Officer Anne Maclellan

’S mise Anna NicIllFhialain, agus tha mi a’ fuireach ann am baile Hogha Gearraidh
ann an Uibhist a Tuath.
Tha mi ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar, nam oifigear bìth-iomadachd,
no biodiversity mar a chanas iad sa Bheurla.
Um, bu mhòtha, well, a tha mi a’ dèanamh san obair sin tha mi ag obair còmhla ri buidhnean àiteachas
mar Dualchas Nàdar na h-Alba, um no an RSPB
agus tha sinn ag obair air planaichean a chur air bhonn, uh, air na h-eileanan air fad
airson diofar fiadh-bheatha a th’ againn sna h-eileanan a ghleidheadh ’s a dhìon.
Um, bidh sinn ag obair air planaichean airson um, mar eisimpleir, an traon,
um airson an seilean mòr buidhe, um, sin species a tha gu math cudromach sna h-eileanan.
Uh, agus bidh sinn a’ feuchainn ri obrachadh còmhla ri na croitearan
airson diofar rudan a dhèanamh airson, uh, na beathaichean no fiadh-bheatha an seo a chuideachadh.
Um, cuideachd bidh mi, um, an sàs ann an raonnan glèidhteachas mar eisimpleir
local nature reserve.
Tha fear againn ann an Loch Stiapabhat ann an Nis,
agus tha mi an sàs ann an cuideachadh buidheann shuas an sin a’ coimhead às dèidh na raoin glèidhteachas
a th’ aca an sin.
Um, bidh mi an sàs ann am projectan, uh, mar, uh, am mink project.
Tha iad an-dràsta ag obair air ann an Leòdhas ’s na Hearadh,
agus a’ feuchainn ri cur às dha na mink an sin oir tha iad a’ dèanamh milleadh air, air na h-eòin
agus air cearcan cuideachd ’s tunnagan.
Um, project eile, ’s e wader project ’s tha sin ag obair ann an Uibhist
far a bheil iad a’ feuchainn ris na gràinneagan a ghlacadh ’s a thoirt gu Tìr Mòr.
Uh, a-rithist tha iad, tha iad a’ dèanamh milleadh air eòin, eòin grunnachadh gu h-àraid.
Um, agus rud a tha a’ còrdadh rium gu mòr ’s e ag obair le na sgoiltean.
Chan eil mi a’ dèanamh an t-uamhas air sàilleabh gu bheil mi ag obair pàirt-ùine
ach bidh mi a’ dol a-mach gu na sgoiltean
ma tha iad ag obair air projectan an sàs san àrainneachd agus a’ feuchainn ri fiosrachadh bheir dhaibh
mas urrainn dhomh mu dheidhinn, uh, cuspairean a tha iad an sàs ann.
Tha tòrr dha na sgoiltean a-nist, tha iad an sàs ann an eco-schools, agus
’s e fear dha na cuspairean a tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn ann an eco-schools,
’s e bith-iomadachd.
So tha mi a’ smaoineachadh gur e rud math a tha sin because tha iad a’ faighinn,
eòlas air, air ’s dòcha na h-eòin, no na fiadh-bheatha a tha timcheall orra.
Chaidh mi gu Sgoil Bhaile Mhanaich ann am Beinn na Faoghla.
Bha iadsan a’ dèanamh project air Beinn na Faoghla air fad, agus chaidh mi a-staigh dhan sgoil,
’s bha dealbhan agam ’s bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan a chìthear nam biodh iad a-muigh,
can air a’ mhachaire no sa mhòineach no air na croitean.
Um, agus, eh, bha còmhradh math – bha iad, you know, bha tòrr dhan chlann,