Gaelic Interview: Ceolas Chair Mary Macinnes

Tha dà rud ann, mar a tha Ceòlas a-nis.
Tha Ceòlas, an sgoil shamhraidh, ’s tha cuideachd Ceòlas a’ dèanamh prògraman
de rudan a tha a’ tachairt tron bhliadhna, agus ag obrachadh còmhla ri buidhnean eile.
Ach tha mi cinnteach gur e an rud as eòlaiche tha daoine air,
gur e an sgoil shamhraidh, agus ’s e sin rud a tha air a chur air adhart fad na seachdain
anns an Iuchar an dèidh dha na sgoiltean dùnadh.
Tha e air a stèidheachadh ann an Sgoil Dhalabroig, agus ’s e àite fìor mhath a tha sin
a thaobh ’s tha e faisg air rudan eile, mar a tha taighean-òsta, ’s oifis a’ phuist,
na bùithean ’s an eaglais, a h-uile goireas a dh’fheumadh duine.
’S cuideachd tha e ann an teis-meadhan coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig gu math làidir
agus far a bheil daoine ag iarraidh a bhith mar phàirt de rud mar sin a chur air adhart
Well, tron t-seachdain, um, tha an t-àite gu math trang, gu h-àraid ceann a deas Uibhist
agus, eh, bidh sinn a’ deisealachadh fad seachdain no dhà roimhe sin.
Bidh sinn – aithnichidh tu gu bheil Ceòlas gu bhith ann.
Bithear a’ cur suas flagaichean, bithear a’ cur suas postairean is sanasan gu leòr.
Bidh na bùithean a’ ceannach a-staigh iomadach rud
airson gu bheil ceudan dhaoine a’ tighinn a-staigh air an t-seachdain sin.
Bidh mu cheud gu leth no suas gu dà cheud aig Ceòlas fhèin
ach tha sinn a-nis a’ faireachdainn gu bheil ceudan eile a’ tighinn a-staigh dhan choimhearsnachd
aig an aon àm ’s tha Ceòlas a’ cur air adhart na sgoile.
Tha sin ga ruith ann an Sgoil Dhalabroig, cuideachd a’ cleachdadh na tallaichean
– talla Naoimh Pheadair, talla na coimhearsnachd, tallaichean beag eile
timcheall cuideachd airson clasaichean a chur air adhart.
Ach ’s e an rud as motha a dh’aithnicheas a’ choimhearsnachd ’s e na rudan
a tha a' dol air an oidhche, tha mi cinnteach.
Tha program de, em, cèilidhean, ’s dannsaichean, ’s tachartasan dhe gach seòrsa
air an cur air adhart, fad a’ chinn a deas a-rithist eadar Èirisgeigh
Cill Donnain, dh’fhaoidte sìos gu Bòrnais, far a bheil iarrtas ann, far a bheil sinn a’ faicinn
gu bheil comas rud a dhèanamh.
Tha sinn a’ cur air adhart rudan far a bheil na daoine a tha tighinn a-staigh a’ faicinn
cò mu dheidhinn a tha a’ choimhearsnachd againne coltach.
Agus tha sinn, eh, cho fad ’s a ghabhas, a’ cur rudan air adhart anns a’ Ghàidhlig,
agus a’ tarraing a-staigh daoine aig a bheil eòlas, gu h-àraid aig a bheil meas
agus a tha a’ cur luach air an seòrsa coimhearsnachd a th’ ann an Uibhist.
’S e sin na daoine a tha sinn a’ tarraing a-staigh ann a bhith a’ cur air adhart Ceòlas
Mar as trice, tha, ’s àbhaist dhuinn a bhith ag obrachadh còmhla ri Colaisde Bheinn na Faoghla
gus a bhith a’ cur air dòigh prògram de dh’oideachadh, um tuition
ann an ceòl is seinn is a rèir dè an obair a tha iadsan a’ dèanamh.
Cuideachd bidh sinn a’ cur air adhart cèilidh no dhà.