Gaelic Interview: Community Member Flora Macdonald

Well, tha Creag Àrd uabhasach cudromach sa choimhearsnachd airson…
tha daoine a’ faighinn a-mach às an dachaidh aca fhèin, agus tha iad a’ cur seachad an latha
còmhla ri daoine eile, agus cuideachd tha iad ag ionnsachadh sgilean,
no tha iad an sàs ann an sgilean.
Agus tha e a’ toirt toileachadh dhaibh fhèin, agus eh,
tha e cuideachd a’ toirt faochadh dha na daoine a th’ aig… aig an dachaidh aca.
So, tha àite mar a tha Creag Àrd uabhasach fhèin feumail.
Well, tha na daoine a th’ ann an Creag Àrd… tha iadsan a’ toirt gu leòr seachad.
Tha iad air a bhith a’ dèanamh uinneagan sa choimhearsnachd
agus chan e sin a h-uile h-uinneag – ’s e uinneagan sònraichte a tha seo – stained glass
agus tha sin ag innse gu bheil sgilean sònraichte aig a’ bhoireannach a tha a’ ruith Creag Àrd,
agus gu bheil i gan ionnsachadh dha na daoine a tha a’ tighinn a-staigh.
Thachair mi air Dòmhnall, agus um, bha fhios ’am…
thuig mi glè mhath gun robh ùidh aige as a’ chuibhle agus as a’ bheairt cuideachd.
Bha e a’ sealltainn air a’ bheairt cho luath ’s a thàinig e a-staigh.
So mar sin sheall mi dha a’ chuibhle-shnìomh an toiseach
agus bha e a’ tuigsinn glè mhath mar a bha i ag obair.
Ach bha fhios ’am – bha mi a’ smaointinn gun robh eòlas aige air a’ bheairt mar-thà,
agus, eh, rinn e rud air a’ bheairt còmhla rium fhìn, agus tha fhios ’am
gun dèan Dòmhnall obair beairt cuideachd, no breabadaireachd.
Well, chuir mise air dòigh an taisbeanadh a bha seo, airson tha mi air a bhith
a’ cruinneachadh stuth agus – eh, sin na h-innealan
tha mi a air a bhith a’ cruinneachadh nan innealan agus a h-uile sìon a bhuineas dha na sgilean a tha seo.
Ach chuir mi air e airson gur ann anns a’ cheann a tuath ann an Uibhist a Tuath
a dh’ionnsaich mise snìomh an toiseach nuair a bha mi glè òg.
Agus ’s ann bho bhoireannach thall ann an Uibhist a Tuath – Mar, Mary Margaret
an t-ainm a bh’ oirre – agus fhuair mi a-mach an t-ainm aice ann an rannsachadh
nuair a chuir mi air an taisbeanadh – agus, eh, mar sin bha mi airson na sgilean a tha…
a dh’ionnsaich mi ann an Uibhist a Tuath a thoirt air ais dha na daoine
an dèidh còig bliadhna fichead co-dhiù.
Agus bhon a thàinig mi a dh’fhuireach an seo bha mi a’ smaointinn
gum biodh e gu math freagarach gun seallainn dhaibh na sgilean a thòisich mi air o chionn dh’fhaoidte
còig bliadhna fichead.
Well, tha còmhlan air a bhith a’ tighinn a-staigh, agus chuir boireannach eile
a tha ag obair – Margaret Fenton – a tha ag obair air Prime Time ann an Taigh Chearsabhagh
– tha ise – tha còmhlan aicese cuideachd leis am bi i a’ coinneachadh.
So chuir ise air dòigh gun tigeadh iadsan a-staigh a shealltainn air an
taisbeanadh, agus bha mi a’ sealltainn nam beart.. well ’s e real..
’s e a’ chuibhle-shnìomh a bu mhotha a bha mi a’ sealltainn dhaibh agus chòrd sin rium