Gaelic Interview: Crofter/demonstrator Neil MacPherson

O chionn dà bhliadhna air ais thàinig buidheann againn còmhla a’ ràdh
feuch dè ghabhas dèanamh do bhrosnachadh dhan daoine òg mu dheidhinn croitearachd.
Agus chaidh gnothaichean air adhart.
Agus san August a chaidh theann a’ chùrsa ann an sheo.
Bidh na sgoilearan agamsa latha san t-seachdain, well chan e latha buileach a th' ann
– tha iad treiseag de latha agam,
agus tha iad latha eile a’ dèanamh obair sa chlassroom.
Tha, tha sinn a’ dol tromhpa a h-uile sìon a bhios sinn fhèin a’ dèanamh aig an àm.
Tha a’ chùrsa fosgailte airson sin.
Chan urrainn dhuinn, ’s dòcha, a chur sìos air pàipear, ’s dòcha,
an rud a bha sinn an dùil a dhèanamh a-rèir sìde no rudeigin – bidh e ag atharrachadh,
agus feumaidh, fhad ’s a bha iad leigte ris an sin bha sinne deònach cuideachadh a thoirt dhaibh.
Theann sinn dheth le – tha seachdnar ghillean againn,
agus tha sinn toilichte leis na tha iad a’ dèanamh.
Tha iad fhèin toilichte – well, tha iad ag ràdh leamsa gu bheil,
agus chan eil agamsa ach gabhail ris an sin.
Ach, tha sinn a’ toirt dhaibh – theann sinn dheth aig àm an fhoghair.
Nist, bha, bha uain againn deiseil airson na saleichean
agus bha iad còmhla rium ag obair mu chuairt air sin.
Chaidh sinn às an sin gu buain, agus thug sinn a-mach dhaibh an t-seann speal,
rud nach robh duine aca air fhaicinn.
Agus sheall sinn ciamar a choimheadadh iad roimhid.
Agus bha mi a’ ràdh, well, cho math ’s gu bheil na dòighean ùr
a thathas ann an croitearachd, agus ann an tuathanas, feumaidh iad,
dh’fheumadh iad a dhol air ais gu ciamar a thàinig sinne thuige.
Tha, mar a bha na daoine a bh’ ann roimhe a rinn croitearachd
agus a chùm croitearachd san staid san robh e.
Feumaidh sinn innse dhaibh mar a dh’obraich na daoine sin,
agus ’s ann ag ionnsachadh a tha sinn nuair a choimheadas sinn air ais
air dè bha iadsan a’ dèanamh.
Ach, fhuair sinn sin ’s tha na gillean air a bhith deònach.
Tha iad air a bhith – chuir sinn suas beagan fheansachan còmh leam.
Agus, tha mi-fhìn nam obair, bidh mi le clachaireachd.
Agus thug sinn iad a chur air dòigh ballaichean –
rud a bha a h-uile duine ris uairegin air croit.
Mar a tha an-diugh – corra dhuine againn a tha ris.
Ach ’s e sgil eile a bhiodh air chall agus bha sinn airson,
bhiomaid airson, gun cùmadh iad seo suas cuideachd.
Tha sinn a’ dol troimhe an uair sin, mar a tha a’ bhliadhna a’ tighinn air adhart.