Gaelic Interview: Digitiser Catriona Scott
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Bidh sinn a’ cur, tha, ruidhlichean ann an cruth didseatach airson ’s gun gabh e
well airson ’s gun gabh, gabh – gum faod daoine èisteachd ris.
Feumaidh sinn an uair sin, tha, a chur ann an – bidh e a’ tighinn a-staigh thugainn ann,
well, nuair a bhios mise ga digitisadh feumaidh mi an uair sin a dhèanamh
na WAV file, agus an uair sin tha sinn a’ dèanamh sin an uair sin nas lugha
airson gum bi e na MP3.
Well, bidh sinn an uair sin ga chur, – tha FTP againn far am bi thu ga chur
ann am bocsaichean airson cataloguers a tha ag obair a-mach as aonais an oifis a tha seo.
Bidh Shona a’ cur, tha, ge air bith dè a tha na daoine sin an sàs ann -
’s dòcha òrain no stòraidhean no ’s dòcha Gàidhlig, Beurla, ge air bith dè bhios ann –
tha e a’ dol dha na bocsaichean aig na daoine sin, agus tha iadsan an uair sin ag èisteachd ris an stuth,
agus tha iad a’ dèanamh mar gum biodh summary beag, dìreach caran ag innse
dè seòrsa ghnothaichean a th’ air an teip.
Agus, bidh iad an uair sin a’ cur sin ann an database
airson ’s gun gabh na h-MP3s cur ann an shin an uair sin airson ’s gun gabh iad èisteachd riutha
nuair a thig uh – well nuair a chuireas Tobar an Dualchais e air an eadarlìon
airson ’s gun cluinn daoine a-mach as aonais seo.
Tha mi air tighinn tarsainn air mo sheanair, agus m’ athair.
Cha robh sìon a dh’fhios agam gun robh sin ann mar, man, man, can mo sheanair.
Cha robh sìon a dh’fhios agam.
Cha, cha robh e – bha, bha mise gun bhreith nuair a, nuair a bhàsaich e,
agus bha sin gu math inntinneach dhomhsa.
Agus, air tighinn tarsainn air an t-uamhas de dhaoine a bha sinn eòlach air,
no a bha mi eòlach air nuair a bha sinn a’ fàs suas agus dìreach ag èisteachd ris a’ ghuth aca
air ais a-rithist gan toirt air ais beò.
So chòrd sin rium.
Tha thu ag èisteachd ris an leithid de ghothaichean a thachair o chionn fada, ’s
’s dòcha gnothaichean a bha sinn fhìn a’ cluinntinn mu dheidhinn
ach nach do ghabh mòran ùidh ann on a bha sinn ’s dòcha beagan na b’ òige ach, tha,
cluinnidh tu stòraidh ’s tu ag ràitinn oh chuala mi siud roimhid,
agus tha e a’ toirt ort èisteachd ris an stòraidh air fad.
Agus an rud a tha neònach, tha cuimhne agad air an stòraidh
ged a bha thu a’ smuaintinn nach robh.
Agus tha e dìreach a’ toirt air ais thugad gnothaichean a bhiodh tu a’ cluinntinn.
Bhiodh m’ athair ag innse stòraidhean is – ach cha bhiodh sinn ag èisteachd ris,
tha mi cinnteach mar a tha a h-uile duine.
’S ann mar as sine a dh’fhàsas tu, ’s ann a bhios tu airson a bhith ag èisteachd ris
is do ghnothaichean sin.
Ach tha e air a bhith gu math inntinneach. Tha e a’ còrdadh riumsa.