Gaelic Interview: Environmental Health, Alasdair MacEachen
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Is mise Alasdair MacEachainn.
Tha mi, um, às an Àird, Beinn na Faoghla.
Tha mi ag obair aig Comhairle nan Eilean Siar mar oifigear
tha mi a' creidsinn, oifigear àrainneachd
Environmental Health Officer a chanas iad ris an obair a tha mi a’ dèanamh.
Tha e a’ toirt a-staigh mòran ghnothaichean a tha caran ceangailte ris an àrainneachd
’s ris a’ choimhearsnachd ’s, tha um, obair sàbhailteachd
is riaghailtean de dh’iomadach seòrsa.
Tha sinne a’ coimhead às a dhèidh sa choimhearsnachd a tha seo.
Anns an latha a th’ ann an-diugh tha gnothaichean air atharrachadh gu mòr
on a thòisich mise an toiseach nuair a thrèan mi fhìn airson an obair a tha seo a-nist,
tha, beagan is deich air fhichead bliadhna air ais.
Agus tha mi cinnteach gun ann anns na deich bliadhna a chaidh seachad gu h-àraid
tha tòrr mòr dhen ùine againn a-nist air a chur seachad ceangailte ris na riaghailtean a th' ann
a thaobh làimhseachadh is deisealachadh bìdh.
Well, tha an t-uamhas de ghnothaichean a-nist a’ tighinn a-mach gu h-àraid, well
a’ tòiseachadh às, on Roinn-Eòrpa is a-nuas on riaghaltas againn fhìn
agus chun riaghaltas ionadail mar gum bitheadh.
Agus tha trèanadh a’ tighinn a-staigh dhan ghnothach.
Tha na h-àiteachan far am bithear a’ deisealachadh a’ bhìdh fhèin –
feumar coimhead gu mionaideach riutha sin co-dhiù thathar gan togail as ùr
no 's e àiteachan far a bheilear, air a bheilear a’ cleachdadh o chionn bhliadhnaichean.
Thèid sin suas gu ìre, tha, tha mar gum biodh, air an cur mu choinneamh
airson an seòrsa bìdh a tha iad a’ dèanamh.
Tha a-rithist, tha, tha tòrr mòr dhen ùine againn air a chur seachad
a' toirt fiosrachadh seachad, ’s a’ toirt comhairle seachad dha na daoine sin
a bharrachd air a bhith a’ ruith chùrsaichean, mar gum biodh, a tha air an deisealachadh
is air an sgrìobhadh, is tha iad a’ dèanamh deuchainnean is gnothaichean mar sineach
airson, tha, gum faigh iad air adhart, ’s gum faigh iad eòlas air na riaghailtean
a tha ceangailte ri obair bìdh.
Tha e air a chur a-mach, tha, a rèir, canaidh sinn sa Bheurla co-dhiù,
“risk assessment”.
’S tha sin an uair sin a’ toirt a-staigh, tha, gu dè seòrsa obair a tha, a thathar a' dèanamh
’s tha iad a’ coimhead air iomadach gnothach ceangailte ris, ris an àite fhèin
's ris an seòrsa biadh a tha iad a’ dèanamh.
Agus tha e air obrachadh a-mach co-dhiù tha iad sineach a’ tighinn a-staigh
fo “high risk” no “low risk” agus a rèir sin fhèin tha e, mar gum biodh, a’dearbhadh
dè cho tric ’s a dh’fheumas sinne a dhol a-staigh dha na h-àiteachan sin
agus sùil a thoirt timcheall agus dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean a’ ruith mar a tha còir.