Gaelic Interview: Galson Chair Agnes Rennie - History and Work

Mise Agnes Rennie, agus ’s mi an-dràsta cathraiche a’ bhùird, air an urras.
Tha mi a’ fuireach ann am baile Ghabhsainn,
agus tha sin ann an teis-mheadhan sgìre Urras Oighreachd Ghabhsainn.
Thòisich an t-urras – thòisich obair an urrais, tha mi a’ creidsinn gum bu chòir dhomh a ràdh –
bho chionn timcheall air seachd bliadhna, fiù ’s faisg air ochd bliadhna a-nis, a thòisich a’ chiad còmhradh.
Agus, a-mach às an sin chaidh buidheann stiùiridh a chur air chois,
agus rinn am buidheann sin, rinn iad obair mhòr ann a bhith a’ rannsachadh a-mach
dè na cothroman a bhiodh an-lùib, tha, urras a chruthachadh,
agus am fearann a bhith air a cheannach leis a’ choimhearsnachd.
Agus an uair sin ann an 2005 chaidh an t-urras a stèidheachadh mar urras.
Agus ’s ann an uair sin eadar 2005 agus 2007 ’s ann a chaidh an fhìor obair a dhèanamh
an uair sin airson ceannach an oighreachd.
Agus san Fhaoilleach 2007 chaidh am fearann a cheannach airson a’ choimhearsnachd.
’S ann gu saor-thoileach, ’s ann a tha a h-uile duine a th’ air a bhith an sàs
ann an obair an urrais, air a bhith, air a bhith an sàs bho thòisich e.
Tha – bha na bha an sàs sa bhuidheann stiùiridh an toiseach,
agus fhuair sinn cuideachadh tron chrannchur nàiseanta le, le oifigeach leasachaidh.
Agus bha sin gu math feumail airson, airson spealag,
agus chuidich sin an fheadhainn a bha an sàs sa bhuidheann stiùiridh le bhith dìreach a’ dèanamh an obair
bho latha gu latha, a bheil fhios agad, a bhith a’ toirt an obair cruthachaidh a bha sin air adhart.
Bha sinn treis an uair sin gun duine ag obair againn,
ach dìreach an obair a bha sinn fhìn a’ dèanamh gu saor-thoileach, agus, bho chaidh,
bho chaidh an oighreachd a cheannach gu h-oifigeil ann an 2007,
tha an oighreachd air a bhith air a ruith le bòrd a tha gu lèir saor-thoileach.
Nise, a thuilleadh air a’ bhòrd, tha, tha feadhainn againn ag obair
ach chan eil manaidsear againn, agus mar sin dheth, ’s e am bòrd stiùiridh
a tha air a bhith an urra gu tur ri stiùireadh obair an urrais bho latha gu latha.
Tha dithis làn-ùine.
Tha aon tè pàirt-ùine a tha ag obair air obair rianachd,
agus tha dithis eile pàirt-ùine a tha ag obair an lùib, tha, pròiseact a th’ againn,
a th’ air a mhaoineachadh leis a’ chomhairle, agus tha iad sin an urra ri, tha,
bhith a’ cumail sgudal ann an òrdugh, agus tha iadsan an urra ri, tha, ionad ath-chuairteachaidh a th' againn
– a tha sinn a’ dèanamh, tha sinn a’ dèanamh dhan chomhairle,
agus, mar sin dheth, ’s e, ’s e obair fheumail a th’ ann dhan sgìre,
agus tha e a’ ciallachadh gu bheil sin dithis eile – a th’ ann an obair.
Tha sinn an sàs ann an tòrr diofar seòrsachan de dh’obair, agus tha,
tha sinn, an-dràsta, tha mi a’ creidsinn, gur e na rudan as motha sa bheil sinn an sàs
bho latha gu latha, gur e an t-ionad ath-chuairteachaidh man a dh’ainmich mi.
Tha cuideachd tè dhan fheadhainn a tha ag obair làn-thìde againn,