Gaelic Interview: Galson Chair Agnes Rennie - Plans and Partnerships
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Tha am bòrd fhèin a’ toirt air obair, a’ toir air adhart obair –
project mòr a tha sinn an dòchas a dhèanamh, air cumhachd ath-nuadhachail.
Agus, tha sinn air air cead-dealbhachaidh fhaighinn
airson am project sin a chur air adhart, agus tha sinn am bliadhna air, tha, aonta fhaighinn
bhon chrannchur nàiseanta agus, tha buidhnean eile air cuideachadh airgead
a leigeas leinn a chiad ceum a ghabhail airson am project sin a thoirt air adhart.
Agus tha feadhainn eile dhan bhòrd ag obair gu math cruaidh air ionad,
ionad a thogail a bhios gach cuid na h-oifis dhan an urrais ann an teis-mheadhan na sgìre,
a bheir cothrom cuideachd air, air obair a tha a dhèanamh ann a bhith,
ann a bhith ag innse mu dheidhinn an urras, eachdraidh an urrais agus mar sin air adhart,
agus bidh, bidh àite ann airson coinneachadh uair a bhios feum air.
Agus ’s e togalach a bhios ann, man a bhios iad ag ràdh, a tha A-rated
bho thaobh, dè, bho thaobh an carbon a thathas a' cleachdadh.
Gu dearbh, tha sinn an dòchas nach bi carbon idir na cleachdadh,
ann a bhith a’ togail an àite no ann a bhith na chumail blàth.
Bha sinn uabhasach fortanach gun robh cothrom againn obrachadh còmhla ris an ionad air a bheil “Greenspace”
aig Colaiste Caisteil Leòdhais –
sin pàirt de, de dh’oithigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean,
agus airson ar cuideachadh uair a bha sinn a’ dèanamh a’ chiad rannsachadh
uair a bhathas a’ coimhead ris, ris an ionad ùr a thogail ann an Gabhsann.
Tha ceangal math air a bhith againn le, le Greenspace
agus le oilthigh na Gàidhealtachd, tron cholaiste, bho thòisich an t-urras
agus, tha sinn na fhaicinn mar, mar rud a tha uabhasach cudromach gu bheil, gu bheil an ceangal sin ann.
Tha sinn air cothrom a thoirt do dh’oileanaich, mar eisimpleir,
obrachadh còmhla ris an urras uair, uair a tha maoineachadh ann airson sin a leigeil air adhart.
Cuideachd, dh’obraich sinn còmhla ri Greenspace uair a bhathas a’ dèanamh rannsachadh
airson faighinn a-mach dè cho eifeachdach ’s a bha an làrach
air an robhas a’ dol a thogail na muilnean gaoithe
agus, mar sin dheth, tha ceangal math air a bhith sin.
Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil e uabhasach cudromach
gum bi cothrom againn teachd-a-steach a dhèanamh anns an sgìre, agus nach eil sinn gu tur an urra
no gu dearbh gu bheil sinn gu mòr an urra ri buidhnean poblach airson airgead a chur dhan an urras,
agus tha, tha sinn a’ faireachdainn gu bheil, gu bheil e cudromach
gum bi, gum bi teachd-a-steach na dhèanamh anns an sgìre,
agus tha e follaiseach dhuinn mar-thà, leis an rannsachadh a tha sinn air a dhèanamh
nach leig sinne leas ionad a bhios ro mhòr a thogail airson teachd-a-steach glè mhath a dhèanamh
a chuireas ri obair an urrais.