Gaelic Interview: Greenspace Manager Donald MacRitchie
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Mise Dòmhnall MacRisnidh.
Tha mi a’ fuireach ann an Leòdhas, ann an sgìre An Rubha.
Tha mi an sàs an seo sa bhuidheann Greenspace a tha a’ toirt sùil
air rannsachadh air cumhachd – cò às a tha cumhachd a’ tighinn
agus cionnas mar as urrainn dhuinn a chleachdadh.
Well, thòisich am buidheann ann an seagh, a’ toirt sùil air togalaichean
agus cionnas mar as urrainn dhuinn dèanamh togalaichean nas fheàrr, mar eisimpleir
– taobh cumhachd agus carbon is rudan dhan t-seòrsa sin.
Agus thòisich am proiseact bho chionn dhà no trì bliadhnaichean a’ toirt sùil
air softwares ùr a chruthachadh son rudan dhan t-seòrsa sin.
Agus tha sinn air dèanamh sin, agus tha sinn a-nis a’ leudachadh a-mach,
a’ toirt sùil air rudan sùil air rudan eile,
cumhachd na mara is gnothaichean dhan t-seòrsa sin.
Tha sinn a’ fuireach – anns a bheil sinn a’ fuireach – sna h-eileanan a tha seo,
’s ann an seo a tha an cumhachd, tha mi a’ smaoineachadh,
sna bliadhnaichean a tha a’ tighinn,
agus feumaidh sinn sgilean ionnsachadh dhuinn fhìn, a bheireas,
bheireas cothrom dha na, na h-oileanaich againn fhìn cleachdadh na sgilean a tha sin.
Well, tha plana, tha plana ann airson UHI, plana mòr airson an oilthigh,
oilthigh na Gàidhealtachd ’s na h-Eileanan a chruthachadh agus a stèidheachadh ceart,
agus tha a’ cholaiste seo mar phàirt dhan sin.
Agus tha an colaiste seo a’ toirt dhuinn taic mar bhuidheann rannsachaidh
taobh a-staigh a’ cholaiste fhèin airson gluasad air adhart air obair rannsachaidh.
Tha sin a’ toirt cothrom dha muinntir na h-eileanan fhèin a thighinn air ais dha na h-eileanan
airson degrees eile a dhèanamh, agus cuideachd cleachdadh na sgilean a th' aca
taobh rannsachaidh, air sgàth ann an oilthigh sam bith
feumaidh buidheann rannsachaidh a bhith ann, agus rannsachadh làidir a bhith ann,
agus tha sinne, man a chanadh, a’ cruthachadh capacity, mar a chanadh tu,
sna h-eileanan a tha seo airson sin a dhèanamh.
Tha mi a’ smaoineachadh aig deireadh an latha ma tha rannsachadh a’ dol air adhart,
gum feumadh pàirt dhan rannsachadh a thoirt a-mach dhan mhargaid, cha mhòr,
agus companaidh a stèidheachadh, agus tha sinn air stèidheachadh companaidh beag beag mar-thà,
a’ toirt na softwares dhan deach a chleachdadh airson togalaichean a-mach
dhan mhargaid, agus tha a-nise an t-uallach oirnn sin, sin a reic feadh Breatann
’s feadh an t-saoghail, dh’fhaodadh tu a ràdh.
Agus cuideachd, leis an t-seòrsa rannsachaidh a tha a’ dol air adhart
tha sinn a’ dèanamh ceangalan le companaidhean mòra cuideachd, tha mi an dòchas
sna bliadhnaichean a tha a’ tighinn, air sgàth cha bhi grantaichean ann, ’s mathaid,
agus feumaidh sinn a bhith an lùib buidhnean agus businesses eile airson