YouTube
by
dinosaurdragon1234
Mise Malcolm Murray.
Tha mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, ’s chaidh mo thogail ann an Steòrnabhagh,
agus tha mi ag obair, a’ dèanamh PhD aig Greenspace Research
aig Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh.
Tha mi an dèis a bhith ann an seo airson trì bliadhna a-nis,
agus tha mi a’ coimhead ri cur teicneòlasan ùr a tha a’ tighinn a-mach,
kind of, web technologies, a’ cur sin còmhla ri sustainable energy.
Agus tha mi a’ feuchainn, feuchainn ris an dà rud – man cheangal còmhla –
agus a’ faicinn dè thachras le sin.
So, le sin tha mise an dèis a bhith – well, ann an Greenspace,
tha sinn an dèis a bhith ag obair a’ togail programan, airson a bhith a’ coimhead ri togalaichean,
energy ann an togalaichean, well, cumhachd ann an togalaichean,
agus feuchainn, man, feuchainn na designs sin a dhèanamh nas fheàrr.
So tha sinn an dèis a bhith a’ coimhead ri feadhainn dha na programs sin
a tha sinn an dèis a bhith a’ dèanamh airson sin.
Tha sinn an dèis modalan a dhèanamh agus energy analysis tool,
agus dhà no thrì rudan eile cuideachd.
Agus tha na tools sin – gheibh thu – tha iad air a’ website againn, tha iad an dèis a bhith air an cur a-mach –
gheibh daoine air an cleachdadh an-dràsta.
Agus còmhla ri sin, tha mi an dèis a bhith a’ dèanamh rudan
a tha rud beag nas, nas “researchy”.
So chan eil na rudan sin, chan eil sinn an dèis an cur a-mach fhathast.
Ach tha sinn an dèis a bhith a’ coimhead ri cur teicneòlasan ùr a tha a’ tighinn a-mach,
man Semantic Web, ’s a’ faicinn dè man a tha sin ag obair còmhla ri, còmhla ri,
sustainable energy agus energy demand ’s rudan mar sin.
Agus, tha sinn an dèis a bhith ag obair air project
anns an Roinn-Eòrpa còmhla ri 16 partners eadar-dhealaichte.
Agus – pàirt – well, le sin tha, tha Greenspace, agus mise leis a’ PhD agam,
an dèis a bhith a’ coimhead ri dèanamh modaligeadh na h-Eileanan Siar
agus faicinn dè, dè thachras an seo eadar 2030 gu 2050,
so, a’ coimhead airson 40 bliadhna is faicinn dè, dè thachras.
Agus cuideachd tha againn ri dèanamh, togail software airson a h-uile,
a h-uile càil a tha sin a thoirt ri chèile, agus a dhèanamh, you know,
fosgladh a-nall gu na, gun phobail, really.
Agus, so tha sinn an dèis a bhith ag obair air sin airson dhà no thrì bliadhnaichean a-nis,
agus, tha tòrr dha na programan sin, tha iad fhathast ann an - ’s e prototypes a th’ annta fhathast.
Tha iad fhathast ann an research stage, ach tha sinn an dòchas gum bi iad a’ tighinn a-mach, you know,
tha sinn an dòchas gum bi iad a’ tighinn a-mach as dèidh treis bheag.
Agus tha mise an dèis fhaighinn uabhasach math ann an Steòrnabhagh.
To start learning, sign up for free.
Get started