Gaelic Interview: Health worker Isabel Steele
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Is mise Iseabail Steele, agus tha mi a’ fuireach ann am Baile Mhanaich
ann am Beinn na Faoghla, agus tha mi ag obair dhen Bhòrd Slàinte.
Bidh sinn ag obair – bidh mi ag obair còmhla ri clann is òigridh –
a’ toirt dhaibh fiosrachadh, airson ’s gun urrainn dhaibh iad fhèin a chumail
slàn is fallain an-dràsta ’s na bliadhnachan ri tighinn.
Thòisich mise ag obair còmhla ri Pàrlamaid na Cloinne
air sàilleabh ’s gun robh sinn ag obair anns na sgoiltean, còmhla ris na sgoiltean
a’ dèanadh pìos obrach mu dheidhinn bullying.
Agus bha sinn ag useicheadh dà thrèanar à Dùn Èideann.
Agus nuair a bha sinn uileadh an sineach, thòisich iad ag innse dhuinn
mu dheidhinn project nàiseanta a bh’ aca – pàrlamaid na cloinne.
Agus bha dà bhuidheann mar-thà – fear ann an Dùn Èideann agus fear ann an Ayr,
agus bha iad a’ cantail gun còrdadh e leotha an cothrom a thoirt dhuinne buidheann a bhith againn
ann an sheo cuideachd, agus gun robh e a’ còrdadh leotha
an dòigh a bha sinn ag obair còmhla ri clann is òigridh.
So sin mar a thòisich sinn.
Bha sinn an dòchas gum biodh iad a’ dol a dhèanadh obair leis a’ chlann,
obair còmhla ris a’ chlann is ris an òigridh, a dh’fhàgadh iad toilichte,
rud mu dheireadh aig ceann an latha – sin a bha sinn a’ feuchainn ri dhèanadh –
gum biodh deagh àm aca, deagh ùine còmhla ri, còmhladh,
's gun coimheadadh iad air an rud dè bha a’ dol sa choimhearsnachd.
’S dè b’ urrainn dhaibhsan a dhèanadh anns a’ choimhearsnachd cuideachd.
Agus gun gabhadh iad pàirt ann an tòrr rudan diofraichte, can, spòrs, dràma.
Bha – gun coimheadadh iad air na diofar dòighean sam b’ urrainn dhaibh a bhith ag obair
gum faigheadh iad fiosrachadh às a’ chlann, ag ionnsachadh, can,
mar a tha dràma is art is ceòl is rudan mar sineach.
Bha sinn airson misneachd a thoirt dhan chlann
gum feuchadh iad diofar gnothaichean – agus gu, gum faigh sinn na beachdan a bh’ acasan
air rudan a bha a’ dol anns a’ choimhearsnachd.
Tha mi a’ smuaintinn gun do dh’obraich e.
Chunnaic mi clann a’ tighinn air aghaidh ’s a’ fàs nas misneachdail gnothaichean a dhèanadh.
Bha iad a’ sìor fhàs toilichte, agus cha robh e gu diofar dè a dh’iarradh tu orra a dhèanadh,
bha iad, bha iad deònach feuchainn, agus deònach tighinn air aghaidh
airson rudan a dhèanadh.
Nuair a chaidh a’ chlann a Heisgeir am bliadhna chaidh sinn a-null dìreach airson dà latha
is aon oidhche a dh’fhan sinn thall.
Agus bha iad ag obair – ’s e pàirt dhen John Muir Award a bh’ ann.
Bha iad ag obair air sin a dhèanadh son trì ’s ceithir mhìosan,
so aon uair ’s gun do thòisich iad air stick iad leis, dh’fhan iad leis.