Gaelic Interview: Manager Shona MacDonald

Well, ’s e pròiseict a th’ ann an Tobar an Dualchais a tha ag amas air
beagan is dusan mìle uair a thìde de chlàran fuaim a chur gu cruth didseatach an toiseach
airson an glèidheadh agus an dìon.
Tha iad, cuid dhiubh, gu math sean, a’ tòiseachadh ’s dòcha sna
deich thar fhicheadan agus suas gu mu dhà mhìle ’s a còig no mar sin.
Agus, an fheadhainn a bu tràithe, dh’fheumar an cur gu cruth didseatach
cho luath ’s a ghabhas, thaobh tha iad a’ tòiseachadh, feadhainn aca, air crìonadh
ann an diofar dhòighean.
Agus, son an glèidheadh ’s e sin a’ chiad amas aig a’ phròiseict.
An uair sin tha a’ phròiseict ag amas air nas urrainn dhe na h-uairean a tha sineach
a chur air-loidhne airson agus gum faic – gun tig aig daoine air èisteachd riutha
fosgladh suas tasg-lann Sgoil Eòlais na h-Alba, cuid o tasg-lann BBC Ghàidhlig
ann an Glaschu, agus cuideachd tha mu dhà – mu cheithir cheud uair a thìde ann
de chlàran bho Urras Nàiseanta na h-Alba bho stuth Chanaidh, na chruinnich Iain Latharna Caimbeul.
Agus tha sinn a’ feuchainn ri nas urrainn dhe sineach a chur air-loidhne son agus
gun tig aig daoine air èisteachd riutha.
Tha, tha measgachadh mòr ann, eadar sgeulachdan, òrain, dòigh beatha,
seanfhaclan, tòimhseachain, gach rud, ceòl, ceòl pìoba, ceòl fidheill,
ceòl a’ bhocsa, diofar rudan mar sineach.
’S tha sineach air feadh na trì cruinnichidhean a tha sineach.
Agus san obair sin feumaidh sinn a bhith a’ dèanamh catalogue de gach teip.
Agus ’s e obair mhòr mhòr a tha sineach.
Agus tha sineach a’ bristeadh sìos gach teip gu òran, no sgeulachd a-mhàin, no
pìos ciùil, agus a’ toirt fiosrachadh air cò tha a’ bruidhinn, no cò tha a’ seinn,
cò às a tha iad, ma tha am fiosrachadh sin againn, agus gu dè tha iad a’ dèanamh,
’s tha – dìreach a’ toirt blasad de gach pìos a th’ air gach teip.
Well, tha mise ag obair nam mhanaidsear ann an oifis Uibhist agus
tha mise a’ dèanamh cinnteach gu bheil an oifis seo a’ coilionadh na h-amasan a th’ aice,
agus ’s e sin – tha sinn a’ digitisadh ann an sheo, agus tha sinn air sin cha mhòr a dhèanamh
air fad a-nist ann an Uibhist.
Rinn sinn cuid dhen stuth aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Rinn sinn na rinn a’ phròiseict de stuth a’ BhBC, ’s rinn sinn faisg air trì cheud uair a thìde
airson cruinneachadh aig Iain Latharna Caimbeul cuideachd.
Tha trì oifisean a-mhàin ann. Tha, an oifis anns an Eilean Sgitheanach.
’S ann às an sineach a fhuair sinn gar stiùireadh,
agus tha luchd-obrach ann a shin cuideachd a’ dèanamh diofar rudan.
Uh, tha an oifis ann an Uibhist a’ dèanamh digitadh – digitisadh,
agus cuideachd a’ dèanamh, mar a tha neach-deasachaidh ann an sheo.
Agus tha cuidegin a’ tighinn a-staigh a tha a’ dèanamh obair catalogadh cuideachd.