Gaelic Interview: Parent Isabell Macinnes
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
’S mise Iseabail NicAonghais, ’s tha mi à Staoinebrig ann an Uibhist a Deas.
Tha triùir chloinne agam agus ’s e an nighean agam, Sarah,
a bha gabhail pàirt ann am Pàrlamaid na Cloinne.
Fhuair sinn a-mach mun phàrlamaid tron sgoil.
Thàinig bileag dhachaidh às an sgoil ag iarraidh air clann an t-ainm aca a chur air aghaidh
airson gabhail pàirt sa phàrlamaid.
Agus mar a thig bileagan a-staigh do thaigh dh’fhàg sinn e ’s cha do rinn sinn sìon mu dheidhinn
agus, seachdain mun do thòisich e, bhruidhinn mo charaid rium,
’s i gus a bhith ag obair còmhla ris a’ phàrlamaid ’s thuirt i rium gu robh iad goirid de chloinn
agus gu robh iad ag iarraidh dithis à Sgoil Staoinebrig, agus am feuchadh Sarah e?
’S thuirt mi rithe “Well bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn
’s cha robh i cho keen air fàs – keen air a dhol ann, ach bruidhnidh mi rithe a rithist
agus canaidh mi rithe a dhol ann air a’ chiad seachdain agus chì sinn ciamar a thig i.”
’S dh’fhalbh i air a’ chiad Disathairne,
agus chòrd e leatha cho math gun do chùm i oirre a’ dol ann.
Bha i – bha am pàrlamaid a’ tachairt a h-uile mìos airson trì bliadhna.
Bha iad a’ tachairt ann an diofar àiteachan air feadh na h-eileanan.
Bha iad ann an Èirisgeidh, ’s bha iad ann an Hall Staoinebrig, ’s bha iad ann an Càirinis
’s bha iad ann an Loch nam Madadh, ’s bha iad ann am Barraigh,
so bha a’ chlann a’ faighinn cothrom a dhol air feadh na h-eileanan air fad.
’S bha sin cuideachd math dhan chlann nuair a bha iad a’ fuireach san sgìre aca fhèin.
Nuair a bha iad a’ falbh a h-uile Disathairne
bha iad a’ gabhail pàirt ann an rudan gu math diofraichte a h-uile triop a bha iad a’ tachairt.
Bha, bha ealan ann a h-uile seachdain, tha mi a’ smuaintinn.
Bha iad a’ dèanamh rudeigin le ealan a h-uile seachdain.
’S bha iad an uair sin a’ gabhail pàirt ann an dràma, ’s bha ceòl ga chluich
’s bha iad a’ seinn ’s bha iad a’ dèanamh tòrr diofar rudan.
Chòrd, chòrd a’ chuid as motha dheth le Sarah.
Tha mi a’ smuaintinn gun e an rud a b’ fheàrr a chòrd leatha ’s e an ealan.
Dh’ionnsaich i tòrr agus bha iad ag useicheadh ealan
airson toirt air a’ chlann bruidhinn is smaointinn mu dheidhinn rudan,
agus cuideachd a’ sealltainn dhaibh diofar dhòighean air rudan a dhèanamh.
Bha iad ag obair air an àrainneachd.
Bha, bha iad daonnan a’ bruidhinn air recycladh is ag useicheadh rudan a-rithist -
cardboard ’s a’ falbh chun a cladach – cladaich ’s a’ cruinneachadh stuth
’s a’ dèanamh ealan le rudan a bha iad a’ faighinn mar sin.
Em, cuideachd am biadh a bha iad ag ithe, bha, uile, “organic” –
dè a’ Ghàidhlig a tha air “organic”?
“Organic” a th’ ann, an e?