Gaelic Interview: Seallam! Director Chris Lawson - Services

S mise Chris Lawson, agus tha mi às an Rubha ann an Leòdhas, Baile Sheiseadar.
Agus tha mi nise a’ fuireach a’s an Taobh Tuath sna Hearadh,
far a bheil mi air a bhith bho cionn còrr air fichead bliadhna nise.
Tha mi, tha sinn air – thàinig sinn ann an seo bho chionn còrr air fichead bliadhna
le gnìomhachas sloinntearachd.
Bha an duine agam air a bhith a’ teagasg lagh airson iomadach bliadhna,
ach bha e air ùidh mhòr a ghabhail ann an teaghlaichean nan eilean uair a thòisich e a’ tighinn suas
ann an seo air lathaichean saora, agus, tha, bha e an dèis cruinneachadh mòr a dhèanamh.
Agus smaoinich e – thàinig e gu àm na bheatha, agus smaoinich e, well,
feuchaidh mi air an seo, airson treis a dh’fhaicinn an obraich e, agus
bha taigh-sgoile, an taigh-sgoile san Taobh Tuath – bha, bha e – an taigh-sgoile air a dhol falamh.
Agus ghabh sinn a-nall an togalach a tha sin.
Agus thòisich sinn air a’ ghnìomhachas.
Agus man bu mhotha a bha sinn a’ dol air adhart leis,
’s ann bu mhotha a bha sinn a’ coimhead, fhios agad, gun gabhadh leasachaidhean a dhèanamh air.
Agus, tha, chaidh sinn gu Iomairt nan, nan Eilean – man a bh’ air aig an àm sin –
tha, chaidh sinn thuca, agus thuirt sinn seo riutha,
agus thòisich sinn a’ stèidheachadh urras aig an àm sin.
Agus tha deichnear againn air an urras a tha seo.
Agus thòisich sinn a lorg airgead airson togalach a chur suas.
Sin man a thachair Seallam!.
Agus dh’fhosgail Seallam! ann an, a’s a’ bhliadhna dà mhìle, bho chionn dìreach deich bliadhna –
a’ mhìos a tha seo, an t-Iuchair.
Agus, tha, seo sinn ann an seo.
An rud as cudromaiche ann an Seallam!, ’s e an obair a tha sinn a’ dèanamh
a’ rannsachadh teaghlaichean nan eilean, muinntir nan eilean,
agus a’ toirt seachad seirbheis far a bheil sinn ri dèanamh, sloinntearachd dhaoine
ma thig iad thugainn ga iarraidh.
Agus tha gu leòr a’ dèanamh sin.
Sin an rud a th’ aig cridhe a h-uile càil a th’ ann an seo.
Ach a thuilleadh air an shin, tha, aon dha na rudan mòr a th’ againn
’s e rùm sa bheil taisbeanaidhean.
Agus tha aon thaisbeanadh againn ann an sin fad na side air muinntir nan eilean
agus air an àrainneachd.
Agus cuideachd a thuilleadh air an shin am bliadhna –
tha sinn a’ feuchainn atharrachadh a dhèanamh air na taisbeanaidhean
airson tha tòrr luchd-turais a’ tilleadh air ais dha na h-eileanan,
agus tha aon thaisbeanadh againn am bliadhna air eilthireachd.
Tha taisbeanadh eile againn air eileanan Hiort, agus tha sin air a bhith againn