Gaelic Interview: Seatrek Manager Murray MacLeod
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Mise Murray MacLeòid.
Tha mi ann an Ùige, shuas ann an Leòdhas.
’S tha business agam, tha mi a’ dèanamh, a’ ruith Seatrek,
a’ toirt daoine a-mach san eathar, a-mach a dh’fhaicinn ròin, ’s a’ toirt daoine a-mach a dh’àitean,
gu eileanan ’s, bidh mi a’ dèanamh trèanaigeadh le na h-eathraichean cuideachd.
Thòisich sinn, tha mi a’ creidsinn, oh, bliadhnachan air ais.
Tha mi an dèidh a bhith ag obair airson bliadhnachan.
Thòisich sinn le eathar bheag, a’ toirt daoine a-mach, ’s tha obair ann suas an sin.
Tha trì eathraichean againn.
Dà sheòrsa eathar againn – tha rud a tha iad a’ cantainn man RIB –
Rigid Inflatable Boat – tha sinn a’ toirt na h-eathraichean – bidh sinn a’ falbh timcheall Ùige leatha.
Bidh sinn a’ dol cho fada ri Barraigh, suas gu Orkney leatha, ’s na h-àiteachan sin.
Tha sinn a’ dèanamh tòrr dhe na triopaichean as – nas goirid – anns an RIB,
dà uair a thìde, tòrr aca, ’s dòcha leth-latha.
Chan eil toilet facilities oirre, so chan eil e furasta.
Agus tha an eathar mhòr againn, Lochlann, Interceptor 42.
Tha sinn a’ dèanamh na trips airson an latha san eathar sin –
mar gu na Flannan Isles, North Rona, Sùla Sgeir, agus Hiort.
Tha sinn a’ dol a-mach a Hiort a h-uile seachdain,
’s a dh’àite sam bith eile a tha daoine ag iarraidh a dhol.
Tha sinn a’ faicinn – tha sinn an dòchas gum faic sinn ròin, leumadairean,
muc-mhara, basking shark.
Tha sinn a’ faicinn – chan fhaca sinn an uiread a’ bhliadhna seo, ach tha sinn a’ faicinn tòrr.
Bidh sinn, gu math tric, bidh sinn a’ faicinn rudan,
ach airson daoine nach eil air càil mar sin fhaicinn riamh – tha e a’ dèanamh an latha dhaibh,
càil sam bith fhaicinn, fiù ’s glimpse beag de leumadairean tha iad –
sin an latha aca air a dhèanamh.
San obair againn – tha sinn a’ dèanamh tòrr le na h-eathraichean tron t-sàmhradh.
Tha sinn a’ dèanamh trèanaigeadh cuideachd, trèanaigeadh daoine airson
na ticketan aca fhèin aca fhaighinn tron RYA – Royal Yachting Association -
’s tha sinn a’ toirt dhaibh – tha tòrr aca ach ag iarraidh a dhèanamh dhaibh fhèin –
tha iad a’ dol a-mach le eathar bheag ann an siud so – ach tòrr aca – tha iad, tha iad ag obair
– sin an obair aca so feumaidh iad na ticketan, commercial ticket,
airson a bhith ag obair leis an eathar.
So tha sinn a’ dèanamh tòrr trèanaigeadh an sin.
Tron a’ gheamhradh cuideachd – bidh sinn a’ dèanamh tòrr le na h-eathraichean.
Agus tha mi a’ dèanamh rud a tha, can – man plant training, forklift training,
’s cranes, quadbikes, health and safety, ’s first aid,
tha sinn a’ dèanamh tòrr dhen sin.