Gaelic Interview: SMO Depute Principal John Norman Macleod
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh sa bhliadhna naoi ceud deug seachdad ’s a trì.
Aig an àm sin – well, chaidh – bha sinn ga h-ainmeachadh mar colaiste Ghàidhlig,
agus bha cùrsaichean goirid air an tabhann,
agus cuideachd chaidh leabharlann a stèidheachadh.
Cha ’reid mi aig an àm sin gu robh na h-urrasairean buileach cho cinnteach
dè seòrsa planaichean a bh’ ann.
Mar a thuirt mi ’s e colaiste Ghàidhlig – chaidh a stèidheachadh mar cholaiste Ghàidhlig,
ach an uair sin an ceann deich bliadhna bha, bha iad ag obair air cùrsaichean
’s bha iad fhèin a’ faicinn am feumalachd mòr a bh’ aig a’ Ghàidhealtachd air ionad foghlaim
a bha a’ teagasg aig an treas ìre, tha – tertiary mar a chanas sinn sa, sa Bheurla –
agus chaidh an cùrsa a bha seo stèidheachadh.
’S e cùrsa HND – Higher National Diploma, teisteanas àrd-ìre –
ann an gnìomhachas agus foghlam na Gàidhealtachd, agus thòisich mi fhìn anns a’ bhliadhna a bha sin –
naoi ceud deug ochdad ’s a trì.
Thòisich sinn le seachd oileanaich, agus tha – mar a bhios mi ag innse a-rithist –
tha an t-àite a tha seo air fàs, Sabhal Mòr air fàs gu mòr,
an àireamh chùrsaichean agus an àireamh de dh’oileanaich.
Ach bha e, bha e gu math cudromach aig an àm sin
airson nuair a thòisich sinn a’ teagasg an cùrsa a bha seo gu tur tro mheadhan na Gàidhlig
cha robh foghlam bun-sgoil no foghlam àrd-sgoil air an stèidheachadh, tha, tro mheadhan na Gàidhlig co-dhiù –
tha mi a’ smaoineachadh gun do thòisich foghlam bun-sgoil bliadhna no dà bhliadhna as dèidh sin.
Ach leudaich a’ cholaiste, agus thàinig an leudachadh as mòtha, tha mi a’ creidsinn,
deich bliadhna as dèidh sin nuair a fhuair sinn togalach ùr, tha, ’s e an togalach a bha sin -
bha sinn gu h-àraid, well bha àiteachan-fuirich san togalach a bha sin.
Agus cuideachd, ’s e rud eile, bha leasachaidhean mòra a’ tachairt taobh telebhisein.
Agus chaidh stiùidio telebhisein a stèidheachadh aig a’ cholaiste.
Agus bha sin, bha na cùrsaichean, agus na h-àireamhan oileanaich a’ sìor-leudachadh,
agus le cùrsaichean, le àite-fuirich, bha e gu math cudromach
airson bha e a’ toirt dhuinn barrachd cothroman air oileanaich bho àiteachan eadar-dhealaichte,
bha e caran doirbh àite-fuirich fhaighinn sa choimhearsnachd.
Agus cuideachd bha e math thaobh cùrsaichean goirid feadh an t-sàmhraidh,
agus cuideachd co-labhairtean.
Ach thòisich sinn, chùm sinn oirnn a’ leudachadh, agus, tha,
beagan bhliadhnaichean, well, naoi ceud deug naochad ’s a ceithir,
thòisich sinn a’ compàirteachadh ann am pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd -
’s e pròiseact a bh’ ann, aig an ìre sin.
Agus an ceann ceithir bliadhna eile bha cùrsaichean ceum air an dealbh,
’s air an dearbhadh, agus air an lìbhrigeadh.
Thòisich sinn ann an naoi ceud deug naochad 's a h-ochd a’ teagasg cùrsaichean, cùrsaichean ceum.