YouTube
by
dinosaurdragon1234
’S mise Kathleen Reddy agus ’s ann à Alba Nuadh a tha mi.
Rugadh mi ann an Ceap Breatainn, agus, an-dràsta tha mi nam oileanach an seo
aig Sabhal Mòr Ostaig.
’S e Mìcheal an t-ainm a th’ orm.
Tha mi ag obair aig Foghlam Fad Beatha, ’s tha mi a’ fuireach ann an Tarscabhaig ann an Slèite,
ach ’s ann à Siorrachd Pheairt a tha mi bho thùs.
Is mise Alex.
’S ann às a’ Phòlaind a tha mi, agus tha mi a’ fuireach ann an Àird a’ Bhasair a-nis.
Bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna.
Bha mi ag obair aig a’ cholaiste mar neach-glanaidh
agus bha clasaichean Gàidhlig beag againn gach latha.
Agus dìreach aon latha smaoinich mi carson nach ionnsaich mi Gàidhlig.
Agus sin e, rinn mi sin airson bliadhna.
Tha mi a’ dèanamh cùrsa far a bheil mi ag ionnsachadh Gàidhlig
ach cuideachd ag ionnsachadh mu dheidhinn lìtreachas is dualchas is cultar
is eachdraidh nan Gàidheal, ’s tha ùidh mhòr, ùidh mhòr agam anns na cuspairean sin.
Agus a-nis tha mi ag obair làn-thìde air na cùrsaichean air-loidhne
agus a’ dèanamh Gàidhlig a Dhà mar aon mhodule aig an aon àm.
Agus tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair ann an sheo, ag obair còmhla ri daoine
a tha a’ feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh, a’ feuchainn ri faighinn air cùrsaichean,
agus tha e glè mhath gu bheil cùrsaichean aig astar ann, gu bheil daoine anns na Stàitean,
agus nas fhaisge na sin cuideachd, ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Ach tha mise an dùil gu bheil e nas fheàrr a bhith anns a’ cholaiste fhèin
ag ionnsachadh làn-thìde, ach chan eil an cothrom sin aig a h-uile duine.
Well, ’s e àite uabhasach brèagha a th’ ann.
Chanainn sin.
Agus tha na daoine, an luchd-obrach, gu math càirdeil ’s cuideachail.
Tha e a’ còrdadh rium a bhith an seo.
Tha mi a’ bruidhinn air a’ fòn le daoine a tha ag iarraidh a dhèanamh cùrsaichean goirid,
aig Gàidhlig, neo cultar, neo ceòl, neo dannsa-ceum, agus rudan mar sin.
Tha e inntinneach, agus tha mi a’ bruidhinn ri daoine diofraichte gach latha,
gach uair, agus tha e math.
Well, tha mi air a bhith a’ teagasg air na cùrsaichean goirid
as t-sàmhradh an seo, is cuideachd air a’ fòn a’ teagasg nan cùrsaichean aig astar.
Agus tha mi air a bhith a’ teagasg air beulaibh chlasaichean fad beagan bhliadhnaichean,
ach bha e caran eadar-dhealaichte a bith a’ bruidhinn ri clas air a’ fòn an àite a bhith air beulaibh chlas.
Agus an toiseach bha e car neònach, ach, tha e a’ còrdadh rium,
agus tha na h-oileanaich uile deònach mar as àbhaist, agus tha e ag obair.
Bidh daoine a’ faighneachd dhìom, well, ciamar a tha sin ag obair?
To start learning, sign up for free.
Get started