Gaelic Interview: Son, Padruig Morrison

Hi, ’s mise Pàdruig Moireasdan.
Tha mi a’ fuireach ann an Griomsaidh.
Tha mi air a bhith aig a h-uile Latha nam Bàtaichean Ghriomsaidh
on a thòisich e, nuair a bha mise cho mòr seo.
Agus tha e a’ còrdadh rium gu mòr.
Tha tòrr rudan ri dhèanamh air an latha.
Bidh mise a’ dèanamh – bidh farpaisean beaga ann – bidh mi a’ dèanamh cruathachadh nan cliabh,
agus tha rèisichean ag iomradh ann.
Agus cuideachdh aig deireadh an latha tha tug of war ann.
An uiridh agus a’ bhòn-uiridh bhuannaich mi na rèisichean ag iomradh,
agus seo an duais a fhuair mi an uiridh.
Air an oidhche tha cèilidh mòr ann, agus bidh tòrr daoine a’ cluich
agus bidh cèicichean math ann.
Bha mi a-mach ann an Heisgeir.
Bha buidheann beag a bhios a’ dèanamh rudan a-mach ann an shin, agus bha buidheann beag,
tha mi a’ smuaintinn, ann an dà mhìle sa trì, ma dh’fhaoidte, sia bliadhna air ais.
’S chaidh sinn a-mach, mi-fhìn ’s mo phàrantan, agus rinn daoine obair air,
air an taigh-sgoile agus air an sgoil, agus rinn mi-fhìn obair sa ghàradh.
Nuair a chaidh m’ athair a-mach, chaidh e a-mach airson ceithir bliadhnaichean
còmhla ris an teaghlach aige, thug e a-mach rhubarb a-mach ’s chuir iad e sa ghàradh.
’S nuair a dh’fhàg iad thug iad an rhubarb leotha.
’S chuir iad e san taigh a tha seo, ’s an uair sin, nuair a chaidh sinn a-mach
sia bliadhnaichean air ais thug sinn beagan dhen rhubarb sin air ais dhan taigh.
So tha e a’ cumail a’ dol, eadar an dà àite.