Gaelic Interview: Teacher Catriona Black
Log in
YouTube
by
dinosaurdragon1234
Tha mi cinnteach gu bheil, oh, ceithir bliadhna co-dhiù
on a thòisicheadh air bruidhinn mu dheidhinn a’ phroject a bha seo an toiseach.
Agus bha iad ag iarraidh, ah, pìleat a dhèanamh dheth fad trì bliadhna.
’S thug e, ’s dòcha, faisg air bliadhna mun do thòisich an gnothach mar a bha,
mar a bha a h-uile duine ag iarraidh, mar a bha daoine a’ sùileachadh.
Bha – ’s ann à Dùn Èideann a thàinig e an toiseach, agus ’s e Cathy,
’s i a bha os a chionn agus ’s ann bhuaipese a thàinig a’ chiad iomradh air.
’S thàinig i an uair sin a-mach dha na h-eileanan.
Bha iad an dòchas gum biodh sgoiltean anns na h-Eileanan Siar no,
no fiù’s clann anns na h-Eileanan Siar ceangailte ris a’ phroject tha seo, anns a’ phìleat.
Agus bha sgoiltean à aon àite ann am Midlothian
agus cuideachd ann an South Ayrshire.
’S ann às na trì h-àiteachan a bha sin a bha iad an dòchas na –
a’ chlann a thoirt an toiseach airson a’ phìleat.
Ach mar a dh’obraich an gnothach cha robh – bha e doirbh dha na sgoiltean a dhèanadh,
thoradh cha robh – bha na – aig an àm bha roinn an fhoghlaim,
bha iad airson gum biodh a h-uile sgoil anns na h-Eileanan an Iar ceangailte ris an seo.
Ach mar a thàinig Pàrlamaid na Cloinne an toiseach a-mach dha na h-eileanan,
’s ann à Uibhist agus Barraigh a bha an t-iarrtas a bu mhotha, ’s chan ann –
sin a bha na daoine anns na sgoiltean a’ smaoineachadh gun dèanadh e,
gum biodh seo feumail dhaibh fhèin agus dhan, dhan cuid, cuid chloinne.
So mar sin bha iad airson cumail ri Uibhist agus Barraigh, ’s cuideachd, well,
cha robh uiread de sgoiltean ann, ’s bha e na b’ fhasa dìreach an àireamh bha sin,
tòiseachadh leis an àireamh a bha sin fhèin.
So sin far an do thòisich e, ach o nach robhar ga dhèanamh tro Roinn an Fhoghlaim
mar a bhathar a’ dèanamh anns an dà – leis an dà bhuidhean eile,
dh'fheumte a dhèanamh aig deireadh-sheachdain agus aig laithean saora
agus ann an àm nach robh mar àm sgoile.
So bha e, bha am project anns na h-Eileanan an Iar, bha e,
bha e eadar-dhealaichte anns an dòigh sin.
Ach tha sin a’ ciallachadh tha mise a’ smuaintinn –
tha mise a’ smuaintinn gu robh e na b’ fheàrr anns an dòigh sin,
thoradh bha e a’ ciallachadh nach robhar ga fhaicinn mar obair-sgoile mar gum bitheadh,
agus ma bha a’ chlann a’ coinneachadh còmhla uair sa mhìos mar a bha iad,
bha iad a’ dèanamh sin air sàilleabh gu robh iad airson a bhith ann,
chan ann idir gu robhar ag iarraidh orra a dhol ann, ’s gu robh iad a’ feuchainn ri
faighinn far na sgoile no - ach bha, bha iad ag iarraidh a bhith ann iad fhèin.
’S a bharrachd air an sin, an luchd-inbhich a bha a’ cuideachadh,
chan e tidsearan a-mhàin a bh’ annta.