Eh, fàilte
Is mise Iain Tormod MacDhòmhnaill.
'S ann às ceann a deas na Hearadh a tha mi.
Eilean air taobh an Iar na h-Alba,
Iar thuath na h-Alba
Tha mi air a-bhos ana-sheo ann an Glaschu
O chionn seachd bliadhna a-nis
Ach chuir mi seachad a' chuid mhòr Dhe mo bheatha,
Ag èirigh suas co-dhiù, anns na Hearadh
Chaidh mi dhan sgoil ana-shin
Chaidh mi dhan oilthigh 's colaistean
Ann an Leòdhas
Is thàinig mi a-nuas gu tìr-mòr na h-Alba
Nuair a bha mi ochd bliadhn' deug
Agus tha mi gu ìre mhath air a bhith ana-sheo bhon uair sin.
Tha mi air iomadach dreachd a dhèanamh
'S obair. Tha mi air a bhith ag obair mar
Chlèireach mar a chanadh tu
Aig fear-lagh'. Tha mi air a bhith
Ag obair ann an taighean-òsta
's taighean-seinnse. Tha mi air
Beagan siubhail a dhèanamh thall-thairis
Ana-shiud 's ana-sheo, agus a-nis, tha mi
Ag obair aig comhairle nan leabhraichean
Ann an Glaschu, agus is mi an oifigear-
reic 's rianachd a th' aca Ana-sheo
'S bidh mise a' coimhead às dèidh
Ghnothaichean anns a' bhùth
Tha mi, mar a thuirt mi, air faisg air seachd
Bliadhna a chur seachad ana-sheo
Agus tha e a' còrdadh rium gu mòr a bhith
An lùib an obair 's an lùib a' Ghàidhlig
A h-uile latha. Agus tha còignear againn
Ag obair ana-sheo. A' bruidhinn
A' Ghàidhlig fad na h-ùine
Ri càch a chèile. Agus ri daoine a thig a-staigh
Dhan bhùth cuideachd
Bho àm gu àm
Tha coimhearsnachd gu math làidir