YouTube
by
dinosaurdragon1234
Is mise Rosemary.
Chaidh mo thogail an Uibhist a Deas ann am baile beag air a bheil Geàrraidh nam Monadh.
Bha Gàidhlig aig m' athair, ach cha robh Gàidhlig aig mo mhàthair,
agus le sin chaidh mo thogail ann an dachaigh far an robh sinn
a' cleachdadh beurla fad na tìde.
Ach a dh' aindeoin sin chaidh mi air adhart tron sgòil
agus dh' ionnsaich mi Gàidhlig gu àrd-ìre.
Chuir mi an uairsin seachad iomadach bliadhna a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig
agus an uairsin a' leasachadh na Gàidhlig agus a' leasachadh ionadan Gàidhlig
air feadh Alba.
Tha mi a-nis ag obair mar cheannard aig Comhairle nan Leabhraichean
ann an Glaschu.
'S e cathrannas a th' ann Comhairle nan Leabhraichean.
Tha sinn an urra ri taic a chumail ri sgrìobhairean Gàidhlig agus
ri foillsichearan Gàidhlig annan oidhirp a bhith ag àrdachadh an àireamh
de leabhraichean a tha ri fhaighinn agus tha sinn cuideachd an urra ri
sgrìobhairean a bhrosnachadh... sgrìobhairean ùr a bhrosnachadh...
a bheachdnaicheas air... air... bith-bèo a dhèanamh a-mach
a' sgrìobhadh tro mheadhan na Gàidhlig.
Subtitles by the Amara.org community
To start learning, sign up for free.
Get started